Bothan Airigh am Braigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch) Songtext - Julie Fowlis

Bothan Airigh am Braigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch) - Julie Fowlis

Gur e m' anam is m' eudail
chaidh an-dè do Ghleann Garadh:
fear na gruaig' mar an t-òr
is na pòig air bhlas meala.

O hi ò o hu ò, o hi ò o hu ò,
Hi rì ri ò hu eile
O hì ri ri ri ò gheallaibh ò

Is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh;
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dh' fhearaibh.
Is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall:
còta Lunnainneach dubh-ghorm,
is bidh na crùintean ga cheannach.

An uair a ruigeadh tu 'n fhèill
is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh;
mo chriosan is mo chìre
is mo stìomag chaol cheangail.

Thig mo chrios à Dùn Eideann
is mo bhrèid à Dùn Chailleann,
gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn
agus caoraich à Gallaibh.

Is ann a bhios sinn 'gan àrach
air àirigh am Bràigh Raithneach.
ann am bòthan an t-sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach.

Bhiodh a' chuthag 's an smùdan
a' gabhail ciùil duinn air chrannaibh;
bhiodh an damh donn 's a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn.


Video: Bothan Airigh am Braigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch) von Julie Fowlis

Teilen

Zeige deinen Freunden, dass dir Bothan Airigh am Braigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch) von Julie Fowlis gefällt:

Kommentare